ailean@obantimes.co.ukMAR AS SINE a dh’fhàsas tu ’s ann as luaithe a dh’fhairicheas tu an ùine a’ dol seachad.
Tha cuimhn’ agam nuair a bha mi òg agus a bhithinn mì-fhoighidneach a’ feitheamh ri rudeigin, an t-annas a bha mi a’ gabhail nuair a bhiodh inbhich ag ràdh sin rium. Bidh mi tric a’ còmhradh air daoine a bha mi a’ meas “sean” nuair a bha mi beag ach a’ tuigsinn a-nise nach robh cuid aca ach beagan bhliadhnaichean nas sine na mi fhìn! Ach aois ann neo às tha mi gu cinnteach ag aontachadh gum bheil mi a-nise a’ faireachadh na h-ùine a’ dol seachad gu math luath.