ailean@obantimes.co.uk
BIDH SINN UILE aig amannan a’ cuimhneachadh air ais le cianalas air àm òige, agus ‘s dòcha fiù ‘s le beagan aithreachais air sgàth rudeigin a rinn sinn neo nach d’ rinn sinn agus an cothrom a-nise seachad.
Gu fortanach anns a’ mhòr-chuid ‘s e cuimhneachain thlachdmhor a bhios againn nuair a sheallas sinn air ais, agus ma tha duilgheadas idir ann ‘s e dìth cuimhne air ainmean is làraich thachartasan. Ach nuair a thill mu leth-cheud againn gu Ostail Eilginn ann am Port Righ seachdain Disathairne seo chaidh, bha cuimhne ga ùrachadh ann an dòigh a bha da-rìribh iongantach.