ailean@obantimes.co.uk
CHRÌOCHNAICH MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL 2016 ann an Steòrnabhagh air latha brèagha foghair le còisirean a’ seinn taobh a-muigh Sgoil Mhic Neacail. Abair ceòl eireachdail agus mactalla nan togalaichean breagha ùr aig an sgoil a’ cur loinn ris.
Taing a-rithist dha na h-uile a thug Mòd cho soirbheachail agus tlachdmhor dhuinn, agus taing dha muinntir Leòdhais a dhearbh a-rithist gum bheil aoigheachd chàirdeil nan gnè mar a bha e riamh.