ailean@obantimes.co.uk
CHAN eil e math dha misneachd coimhearsnachd a bhith a’ call seirbheis.
Co-dhiù ‘s e sgoil neo bùth a th’ ann tha e mar bhuille bàis dhan sgìre, agus chan eil dùnadh oifisean banca eadar-dhealaichte. Tuigear carson a bhiodh banca sam bith a’ cumail sùil air na bheil de gnìomhachas a’ gabhail àite anns na h-oifisean fa leth, ach bha uair ann san robh gnìomhachasan mòra mothachail gum feumte airgead a chosg airson dìlseachd luchd-cleachdaidh a ghleidheadh. Ach tha bliadhnaichean a-nise bho thuig sinn uile nach eil dìlseachd cudromach tuilleadh am measg a’ mhòr-chuid de sheirbheisean poblach, agus tha sin dearbhte sna bancaichean far nach eil aithne againn air cò am manaidsear aig am bheil uallach ar cuid chunntasan. Aig an aon àm tha cuimhne agam cho sònraichte ‘s a bha an t-seirbheis a bha mo mhàthair-cèile a’ faotainn bho bhanca-siubhail ann an Leòdhas is luchd-obrach a’ tighinn thuice aig taobh an teine ga frithealadh! Mo bheannachd orra oir ‘s iad na h-oifigich sin a bha a’ cosnadh cliù a’ bhanca sin! Tha Banca na h-Alba ag ràdh gun cuir iad barrachd sheirbheisean siubhail dha na coimhearsnachdan anns am bheil na h-oifisean aca gan dùnadh ach saoilidh mi nach leighis sin an lot a tha an cuid trèigsinn a’ fàgail anns na sgìrean sin.