CHA B’ IONGNADH CO-FHAIREACHADH a bhith aig a’ mhòr-chuid ri Ridseard Osborn-Brooks ann an sgìre Hither Green de Lunnainn nuair a chaidh a chur an grèim leis a’ phoileas an dèidh dha dochann a dhèanamh air fear a bh’ air briseadh a-staigh dhan dachaigh aige airson mèirle a dhèanamh.
Bha dithis aca ann, agus a rèir aithris bha sgriubhaire aig fear a chleachd sin gus maoidheadh air fear an taighe fhad ‘s a bha am mèirleach eile a’ siubhal an taighe. Ged a tha e seachdad ‘s a h-ochd rinn fear an taighe oidhirp air e fhèin agus a dhachaigh a dhìon agus tha e coltach gun deach am fear a bha ga chuingealachadh a leòn anns an ùpraid a ghabh àite.