THA Bòrd na Gàidhlig a’ cur meal-a-naidheachd air Àrd-sgoil Àird nam Murchan a bhuannaich Duais Foghlam Gàidhlig aig Duaisean Foghlaim na h-Alba 2017.
Chaidh sgioba luchdteagaisg, luchd-taice agus pàrantan Àrd-sgoil Àird nam Murchan a mholadh gu mòr airson na tha iad a’ dèanamh leis an òigridh airson cultar na Gàidhlig, agus dualchas na sgìre, a leasachadh agus a bhrosnachadh air feadh na coimhearsnachd.
Am measg na tha òigridh na sgoile a’ dèanamh tha iad a’ gabhail pàirt ann an Duaisean John Muir, cèilidhean, Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean, farpais FilmG agus camanachd far a bheil iad a’ faighinn barrachd eòlais air a bhith ag ionnsachadh agus far a bheil iad a’ leasachadh nan sgilean Gàidhlig aca. Leis a bhith an sàs anns na diofair phròiseactan, tha iad a’ faighinn buannachd mhòr a-mach a bhith coinneachadh ri agus a’ dèanamh càirdeas le daoine òga eile bho air feadh Alba.