Ulaidh Nàiseanta!
THA E IOMCHAIDH dha sluagh sam bith subhachas a dhèanamh às an cuid cànain agus cultair, a’ daingneachadh luach fèin-aithne agus a’ mhoit a th’ aca nan dualchas. Chan eil teagamh nach eil na Gàidheil air a bhith a’ dèanamh sin aig a’ Mhòd Nàiseanta à ann an Loch Abar air an t-seachdain seo, agus tha muinntir na sgìre air fàilte bhlàth a chur air na mìltean a th’ air cruinneachadh airson na fèise. Tha ceud agus ceithir deug Mhòdan Nàiseanta air tachairt a-nise agus seo an t-ochdamh turas aige an Loch Abar.