ailean@obantimes.co.uk
RINN MI TOILEACHAS MÒR ris an naidheachd mun e-sgoil a tha ga stèidheachadh ann an Steòrnabhagh gus cothrom a thoirt dha sgoilearan feadh nan Eileanan Siar pàirt a ghabhail ann an làn-churraicealam foghlaim tro chlasaichean air-loidhne. ‘S e as inntinniche buileach gum bheil caochladh dhùbhlain a tha nan trioblaidean dha comhairlean eileanach gan coinneachadh leis an innleachd ùr seo.