ailean@obantimes.co.uk
LATHA fiadhaich eile air an taobh an iar is mi a’ sgrìobhadh seo, agus feumaidh mi a ràdh gur e eachdraidh aimsire car mì-fhortanach a th’ air a bhith agam ag obair air an t-seann dachaigh san Eilean Sgitheanach.
Ach nuair a tha obair fada bhuat agus tu cuideachd an eisimeil dhaoine nach eil saor ach aig deireadh seachdaine, feumaidh tu ceann-latha a chur romhad agus a bhith beò an dòchas a thaobh sìde.