ailean@obantimes.co.uk
THACHAIR AN RUD ris nach robh dùil, agus ‘s e Dòmhnall Trump a bhios na Cheann-suidhe air Ameireagaidh bho dheireadh an Fhaoiltich 2017.
Ann am beachd mhòran ann an dùthchannan air feadh an t-saoghail tha poilitigs eadar-nàiseanta gu bhith nas cugallaiche ri linn toradh an taghaidh anns na Stàitean agus ‘s neònach ma chunnacas riamh uimhir de thaisbeanadh mì-rùin poblach anns an dùthaich sin a thaobh co-dhùnadh taghaidh.