ailean@obantimes.co.uk‘S E SUIDHEACHADH glè dhuilich a th’ ann gum bheil na ceudan, ’s dòcha na mìltean, a tha gun dachaigh a’ cadal air sràidean nam bailtean mòra gach oidhche den bhliadhna. Tha iad an cunnart am beatha air caochladh adhbharan, agus ged a tha cuid gun teagamh nan tràillean aig drogaichean neo deoch, tha mòran san t-suidheachadh dìreach air sgàth tuiteamas nam beatha.
Nach uasal mar sin an t-amas a chuir an carthannas Social Bite roimhe gus airgead a thional gus taighean sìmplidh a thogail air làrach bàn ann an Dùn Èideann a bheir fasgadh is dìon dha cuid de na daoine truagha seo. Thagh iad dòigh inntinneach gus amas a’ charthannais fhoillseachadh agus gus ionmhas a thogail aig an aon àm, le cuireadh a thoirt dha ceud neach oidhche a chur seachad nan cadal air an t-sràid. Fhuair iad fada bharrachd taice na bha iad an dùil agus chuir trì ceud seachad oidhche air cabhsair Cheàrnaig Charlotte Dhùn Èideann bho chionn beagan is seachdain air ais. Bha iad fortanach gun robh an aimsir math ach ged a bha dìon agus blàths aca ann am pocannan-cadail, tha amharas agam nach d’ rinn a’mhòr-chuid aca mòran cadail! Cha b’ ionann sin dha na ceudan gun dachaigh a bha iad a’ feuchainn ri chuideachadh, feadhainn a chithear nan crùbain ann an dorsan thogalach ‘s gun ach cairt-bhòrd aca gus fuachd is fliuichead a chumail bhuapa. Tha mi an dòchas gun soirbhich le Social Bite agus gun tèid aige air a chuid amasan a choileanadh, agus nach bu mhath gun d’ rachadh aig an aon seòrsa iomairt air nochdadh agus soirbheachadh ann am bailtean eile feadh na dùthcha.
Leggete l'articolo completo e molti altri in questo numero di
The Oban Times & Lochaber Times
Opzioni di acquisto di seguito
Se il problema è vostro,
Accesso per leggere subito l'articolo completo.
Singolo numero digitale
22 December 2016
 
Questo numero e altri numeri arretrati non sono inclusi in un nuovo
abbonamento. Gli abbonamenti comprendono l'ultimo numero regolare e i nuovi numeri pubblicati durante l'abbonamento. The Oban Times & Lochaber Times
Abbonamento digitale di 6 mesi
€28,99
fatturati due volte l'anno
Abbonamento digitale annuale
€51,99
fatturati annualmente