ailean@obantimes.co.uk
THA CUID DEN FHEADHAINN a tha an sàs ann an obair turasachd anns an Eilean Sgitheanach airson gun dealbh Comhairle na Gàidhealtachd poileasaidh coileanta dhan ghnìomhachas anns an sgìre sin. Chanainn gun dèanadh sin ciall airson caochladh adhbhair, agus gun teagamh bhiodh gleidheadh agus a’ cur ri ìre na h-aoigheachd a gheibh luchd-turais aig mullach na liosta. Mar a bhiodh dùil, bhiodh cuideachd leudachadh ann an eaconamaidh na sgìre na amas cudromach agus a bhith a’ cruthachadh chosnaidhean làn-thìde.