TAING MHÒR DHAN a h-uile neach a thug taic len cuid làthaireachd aig An Taigh-Cèilidh, cuirm bhliadhnail Chomann Gàidhlig Inbhir Nis, a ghabh àite aig Taighcluiche Eden Court Dihaoine seo chaidh. ‘S e fìor thoileachas a bh’ ann uimhir de mholadh a chluinntinn air taghadh eile de shàr sheinneadairean agus luchd-ciùil na Gàidhealtachd, agus gun teagamh rinneadh fìor dheagh dheasachadh air a’ chuirm.
Tha e glè fhurasta dha Gàidheil agus luchd-taice na Gàidhlig an cuid misneachd a chall ann an saoghal a tha cho bitheanta a’ dèanamh tàire air ar cànan is ar dualchas, agus tha cuid de na tha a’ nochdadh ann am pàipearan-naidheachd agus irisean tàmailteach dà-rìribh. Cha ghabh àicheadh gum bheil na h-ionnsaighean goirt sin a’ toirt buaidh air cleachdadh agus follaiseachd na Gàidhlig aig àm far am bheil i a’ strì airson ùrachadh feadh na dùthcha agus gu sònraichte anns na coimhearsnachdan san robh i uair na prìomh mheadhan conaltraidh.
Nach math mar sin gum bheil cothroman den t-seòrsa seo a bha an Eden Court aig Gàidheil a bhith a’ gabhail tlachd nan cuid dualchas agus a’ faotainn misneachadh às ùr ag èisteachd ri sàr luchd-liubhairt agus a’ mhòr-chuid dhiubh sin gu math òg! ‘S fhiach cuimhneachadh daonnan gum bheil mòran a bhios ag èisteachd aig nach eil Gàidhlig ach a tha taiceil dhi, agus tha an taic sin cudromach san iomairt phoilitigeach airson leasachadh a’ chànain. ‘S e mo bheachd fhìn gum bheil a h-uile tachartas sam bheil an cànan ri chluinntinn agus ri fhaicinn na phàirt air leth cudromach den bhrosnachadh a dh’fheumar a chumail a’ dol gus amasan leasachaidh dhan Ghàidhlig a choileanadh.