ailean@obantimes.co.uk
CHAIDH na h-uiread de dh’amasan an coileanadh aig cèilidh ann an Taigh-Òsta West End anns a’ Ghearastan Disathairne seo chaidh.
Bha an seòmar-cuirme làn le còrr air ceud gu leth ag èisteachd ri taghadh de shàr sheinneadairean Gàidhlig, agus a’ dannsa ri ceòl den ìre as fheàrr cuideachd.