ailean@obantimes.co.uk
THA RIAGHAILTEAN CÙRAIM agus smachdachaidh nam prìomh bhunait sìobhaltachd ach tha cuid de na h-eisimpleirean a nochd anns na naidheachdan bho chionn ghoirid gu math gràineil!
Bheil duine ceart sam bith nach biodh air uabhasachadh mun dìol a dh’fhuiling an leanabh Liam Fee bho a mhàthair agus a companach, an fheadhainn air an robh an dleastanas gaol, dìon, agus aire a thoirt dha na òige?