`S ANN aig an àm seo dhen bhliadhna a chìtheadh sibh na còmhlan-ciùil cèilidh as fheàrr air cuairtean na Nollaige agus b` e Oidhche Shathairne an cothrom dha mhuinnitr Leòdhais Skipinnish fhaicinn agus a bharrachd air an turas sònraichte aig HebCelt b’ e seo a’ chiad thuras dha Norrie MacIomhair a bhith dhachaigh leis a’ chòmhlan is bha e follaiseach gun d’ tàinig muinntir Leòdhais a-mach a thoirt taic dha. Bha na Leòdhasaich fortanach dha-rìribh dà chuirm fhaighinn ann an talla Barbhais – ceilidh teaghlaich san fheasgar agus dannsa san oidhche.
Chaidh mise dhan dà chuirm gus a h-uile càil a chluintinn agus feumaidh mi càntainn `s math gun deach. Bha Skipinnish ann an gleus fad na h-ùine ged be na chluich iad. Airson cèilidh an teaghlaich rinn iad dà leth mu thrì cairteal na h-uarach gach fear `s cha do stad iad bho cheann gu ceann. Bha gach leth làn ciùil agus òrain leis na h-òrain aca fhèin le òrain Runrig nam measg cuideachd.
`S e oidhche caran mì-chailear a bh’ ann `s mar sin cha robh fhios agam am biodh mòran a’ tighinn a-mach ach cha do chuir an aimsir stad orra idir. Bha an t-àite meadhanach làn agus chòrd an oidhche riutha uile.