THATHAR a’ sireadh bheachdan air plana a tha a’ cur an cèill mar a thèid a’ Ghàidhlig a leasachadh is a bhrosnachadh taobh a-staigh Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean thairis air an ath chòig bliadhna.
Seo an dàrna Plana Gàidhlig 5-bliadhna aig a’ Phàirc Nàiseanta agus tha e a’ cur an cèill mar a bhios Ùghdarras na Pàirce Nàiseanta a’ cleachdadh na Gàidhlig taobh a-staigh na h-obrach aige agus mar a bhios e a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig do luchd-tadhail agus do bhuidhnean foghlaim.
Thuirt Gòrdan Watson, Àrdoifigear Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean: “Fad nan ceudan de bhliadhnaichean gus an 19mh linn, b’ i a’ Ghàidhlig am prìomh chànan taobh a-staigh sgìre na Pàirce Nàiseanta. Tha a’ mhòr-chuid de na h-ainmean anns a’ Phàirc nan ainmean Gàidhlig, agus mar sin, tha an cànan bunaiteach ann a bhith a’ tuigsinn agus a’ mìneachadh a’ chruth-tìre air leth a th’ againn.