ailean@obantimes.co.uk
THA AN DÀRNA MÌOS den bhliadhna gu bhith seachad agus gu ruige seo co-dhiù ‘s e fìor dheagh gheamhradh a th’ air a bhith againn! Gu dearbh tha an aimsir air a bhith cho tlàth is gun robh caraid ag ràdh rium ‘s e ri spòrs (tha mi a’ smaointinn!) gun robh e am beachd buntàta a chur!
Chan eil e na iongnadh getà gum bheil cuid a’ rabhadh nach eil an geamhradh seachad agus gum faodadh droch shìde agus sneachda tighinn cruaidh oirnn fhathast, ach ged a tha sin ceart tha sinn air stairsich an earraich agus an latha a’ sìneadh is sunnd dhaoine a’ togail às ùr.