Cùrsaichean Ceuma aig Sabhal Mòr Ostaig – Fhathast fosgailte airson iarrtasan!
‘Se Sabhal Mòr Ostaig an aon cholaiste ann an Alba far am faodar cùrsaichean ceuma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig air fad. Tha a’ Cholaiste na compàirti che ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus‘sia tha a’ treòrachadh càich ann an Sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte.
Tha na cùrsaichean fo-cheum againn a’ ceangal a’ chànain le caochladh chuspairean a leithid ceòl traidiseanta, na meadhanan agus teagasg. Tha seo a’ toirt measgachadh de sgilean is cothroman do ar ceumnaichean, a leithid a’ Ghreis Ghnìomhachais air a’ chiad bhliadhna agus an cothrom a dhol air iomlaid a Chanada no a dh’Èirinn sa bhliadhna urraim.