ailean@obantimes.co.uk
Ailean Caimbeul
CHA DO CHUIR e cus iongnaidh orm a leughadh gum bheil fiachan pearsanta an t-sluaigh a’ dol suas is a rèir coltais daoine ga fhaotainn nas duilghe tighinn beò air na tha iad a’ cosnadh neo a’ togail ann an sochairean. Bhathas a’ rabhadh bho chionn greise gun toireadh cuid de bhuaidh an fhàsgaidh a thòisich bho chionn grunnd bhliadhnaichean greis a’ ruigheachd oirnn, agus chan eil teagamh nach eil an tòcadh fhiachan na fhianais air na gearraidhean a rinneadh agus a tha a’ leantainn. Tha sin a’ fàgail chothroman cosnadh nas cudromaiche dha na h-uile agus air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan air fad bithear an dòchas gun cùm turasachd a’ biathadh na h-eaconamaidh.