CIAMAR A THA DOL dhuibh a’ taghadh thiodhlacan na Nollaige? Feumaidh mi aideachadh nach toil leam fhìn a bhith a’ ruith nam bùthan idir, ‘s fhèarr leam fios ro-làimh air dè tha mi dol a cheannach agus a dhol dìreach ga fhaotainn. Bah, humbug! Chan aithne dhomh bheil Gàidhlig air sin, ‘s dòcha gun can cuid nach robh humbug riamh am measg nan Gàidheal!
Ach bha! Tha deagh chuimhne agam air fear anns a’ bhaile nuair a bha mi òg a bhiodh tric ag ràdh “chan eil mi gu bhith air mo humbugaigeadh leis”! A’ coimhead nas fharsainge na ’n teaghlach, agus gu sònraichte air luchd-lìbhrigidh sheirbheisean, tha e inntinneach beachdachadh air cò na buidhnean as airidh air tiodhlac am-bliadhna? An robh sibhse cho fortanach ‘s gun deach a h-uile frithealadh mar a dh’iarradh sibh, gach rud air a choileanadh aig an uair agus aig a’ phrìs a chaidh a ghealltainn? Ma ‘s ann mar sin a bha, tha sibh anns a’ bheag-chuid den t-sluagh agus mar a chanas an seanfhacal “ ‘s ann dhuibh a rug an cat na cuileanan”! Tha mi ag ràdh sin ri linn ‘s gum bheil a rèir coltais ìre sheirbheisean phoblaich a’ dol bhuaithe anns an fharsaingeachd agus tha barrachd mì-riarachas ga nochdadh le luchd-ceannach. Ach saoilidh mi fhìn nach bu dual dha na Gàidheil a bhith idir cho deiseil gearan is a bha sluagh na Galltachd agus bha sin a’ fàgail Ghàidheil ro thric gan riarachadh fhèin le “nì e a’ chùis”. Gu follaiseach cha robh is chan eil leithid sin de dh’ fheallsanachd ceart, agus mur eil an t-seirbheis cho math agus is còir feumar sin a ràdh agus leasachadh iarraidh.