ailean@obantimes.co.uk
DIARDAOIN SEO CHAIDH chaidh tagradh le còrr air dà cheud mìle ainm a shìneadh dha oifigich aig Sràid Downing ag iarraidh urram a bhuileachadh air Seòras MacIain an aon bhall a th’ air fhàgail beò de Sguadran 617 nam Dam Busters a sgrios trì damaichean anns a’ Ghearmailt air an 17 Cèitean 1943.
Bha e cho doirbh ionnsaigh a thoirt aig Möhne, Eder agus Sorpe ri linn talamh àrd is gun deach am ‘boma bocadaich – bouncing bomb’ aig Barnes Wallis a leasachadh airson feuchainn orra.