ALLAN CAMPBELL
editor@obantimes.co.uk
An coimeas ri an suidheachadh mun deach an cuid fearainn a chuingealachadh cha robh air fhàgail aig na daoine a-nise ach an cànan agus am bochdainn! Sin briathran aon fhianais aig Coimisean a’ Mhorair Napier ann an 1883, agus a dh’aindeoin na bhuinnig strì chroitearan na mo sgìre fhìn an Gleann Dail an Eilein Sgitheanaich agus an iomadh àite eile, cha do dh’fhàs cothroman eaconamach gu ìre sam bith. Dh’fhàg sin, agus buaidh dà chogadh mhòr, sluagh agus dualchas na Gàidhealtachd agus nan Eilean air an lagachadh gu h-uabhasach. An dèidh àm an dàrna cogaidh bha a’ mhòr-chuid de phàrantan ag amas air an teaghlaichean fhoghlam à bochdainn chroitearachd gu ruige “dreuchdan matha proifeiseanta”. Bhiodh sin sa bhitheantas air falbh, air tìr-mòr. Dhan a’ mhòr-chuid de dh’òigridh bha Gàidhlig agus a dualchas seann-fhasanta, agus cha robh cus luach innte ann an saoghal cosnaidh. Sin an saoghal air an do bhrist “Balaich Runrig” a-staigh ann an 1973, “mar neòil a’ fosgladh” ann am briathran an fhir-naidheachd Màrtainn Dòmhnallach!
Dhùisg ceòl agus bàrdachd a’ chomhlain ùidh shean agus òg anns a’ Ghàidhlig, a’ togail drochaid ùr dualchais eadar ghinealaichean nan Gàidheal. Tha làraich fheannagan taomaidh rim faicin. Thathast feadh na Gàidhealtachd mar fhianais air spàirn sluaigh a thuinich na sgìrean sin, agus a chaill an còir orra air sgàth fuadaichean agus adhbharan eile. Cuimhneachain air droch amannan ann an eachdraidh nan Gàidheal, agus nan adhbhar bròin is ionndrainn!
Lisez l'article complet et bien d'autres dans ce numéro de
The Oban Times & Lochaber Times
Options d'achat ci-dessous
Si le problème vous appartient,
Connexion pour lire l'article complet maintenant.
Numéro unique numérique
23rd August 2018
 
Ce numéro et d'autres anciens numéros ne sont pas inclus dans une nouvelle version de l'article
abonnement. Les abonnements comprennent le dernier numéro régulier et les nouveaux numéros publiés pendant votre abonnement. The Oban Times & Lochaber Times
Abonnement numérique de 6 mois
€28,99
facturé deux fois par an
Abonnement numérique annuel
€51,99
facturé annuellement