ALLAN CAMPBELL
editor@obantimes.co.uk
Thar nam bliadhnaichean bidh sibhse, mar a dh’èirich dhomh fhìn, air coinneachadh ri neach neo dhà aig am bheil an aon cheann-latha breith, ach bidh eòlas agaibh air fada bharrachd a rugadh air an aon bhliadhna ribh. Ach ‘s e ‘s dòcha an t-adhbhar moite as motha is còir a bhith aig cuid againn gun do thachair gun d’ rugadh sinn san aon bhliadhna ri Seirbheis Nàiseanta na Slàinte agus gum bheil an t-sochair ionmholta sin air a bhith gar dìon fad ar beatha. Thigeadh dhuinn mar shluagh feadh Bhreatainn sealltainn air ais air an t-seachdad bliadhna seirbheis sin le moit agus buidheachas. Nach tric a theirear nach ionndrainn sinn rud chun an caill sinn e, agus cha mhotha a chuireas tu luach air rud chun am bheil thu na eisimeil!