Ailean Caimbeul
ailean@obantimes.co.uk
THA MI AIR SGRÌOBHADH uair neo dhà roimhe mu ar n-eòlas teaghlaich air buaidh oillteil an tinneis alzheimer’s, an tinneas as bitheanta a tha ag adhbharachadh boile (dementia). Chan eil leithid ann ri “tinneas math” ach saoilidh mi gum bheil boile a tha a’ bleith air falbh cuimhne, tuigse, ciall, agus cothrom bodhaig, cho sònraichte dòrainneach fhulang agus fhaicinn ri tinneas a th’ ann. Tha an euslaint seo a’ goid air falbh neach air an robh càirdean eòlach agus gaolach, agus a’ fàgail choigreach ann an cruth an neach sin.