ailean@obantimes.co.uk
THEAGAMH GUM BHEIL iomadh cuspair air nach aontaich mi fhìn is am Ball Pàrlamaid Albannach Iain Finnie ach tha mi a’ dol leis gu tur na bheachd gum bheil dràibhearan a tha a’ siubhal gu slaodach air na rathaidean againn nan cunnart! Na mo thursan dhan Eilean Sgitheanach is air ais air an t-seachdain seo chaidh, chaill mi cunntas air na chunnaic mi de chàraichean a’ snàgail is aig amannan suas ri fichead carbad eile glaiste às an dèidh. Cha bheag an t-iongnadh gum bheil leithid seo ag adhbharachadh thubaistean is cuid den fheadhainn a th’ air am bacadh a’ call foighidinn is a’ feuchainn seachad nuair nach eil sin uile gu lèir sàbhailte. ‘S e bhios a’ cur na feirge orm fhìn gum bheil mòran den fheadhainn a tha ris an t-snàgail seo den bheachd gum bheil iadsan nan deagh dhràibhearan cùramach sàbhailte, ged a tha e follaiseach dha daoine eile nach ann mar sin a tha idir.
Tha Còd an Rathaid ag òrdachadh nach fhaodar a bhith a’ cur maille air carbad a tha beireachdainn ort air an rathad, agus tha seo gu sònraichte cudromach air rathaidean singilte agus tha deuchainn an dràibhidh a’ cur cuideam air a bhith a’ cleachdadh sgàthain gus eòlas a chumail air na tha às do dhèidh. Ach ma tha thu a’ siubhal nan rathaidean an-diugh, bidh thu mothachail gum bheil mòran dhràibhearan aig nach eil sealladh sam bith air dè tha air an cùlaibh. Neo, rud fada nas miosa, gum bheil làn-aithne aca gum bheil sreath de charbadan gan leantainn ach nach eil de thuigse neo de mhodh aca a dhol an dàrna taobh gus an leigeil seachad. Mur eil mothachadh aig na dràibhearan sin gum bheil iad a’ cur bacadh air na carbadan a th’ air an cùlaibh, chan eil còir cead-dràibhidh a bhith aca! Agus ma tha iad dìreach coma co-dhiù, tha còir aig an lagh am peanasachadh airson a bhith a’ briseadh Còd an Rathaid. Ach cuin a chunnaic neo a chuala duine agaibh iomradh air poileas a’ cur casaid air dràibhear a bha a’ bacadh luchd-siubhail eile? A rèir ‘s mar a tha mise a’ fianais air na rathaidean, tha feum air fada bharrachd aire bhon phoileas air leithid seo agus saoilidh mi gun toireadh peanasachadh neo dhà aire dhràibhearan chun an lagh agus theagamh gun toireadh e leasachadh air modh luchd-cleachdaidh nan rathaidean cuideachd.