ailean@obantimes.co.uk
MARATHAGACHBLIADHNA a’ dol seachad tha beatha làitheil a’ mhòr-shluaigh ga leasachadh le goireasan de gach seòrsa, agus cuideachd le adhartasan ann am bacadh tinneis agus leigheas slàinte. ‘S e fìrinn na cùise mar a tha ùine dol seachad gum bheil sinn a’ call sealladh air na sochairean sin a th’ againn agus sinn ‘s dòcha fiù ‘s neo-ar- thaingeil orra, a’ gabhail riutha mar chòir seach mar bhuannachd beatha. Nach tric a chluinnear daoine ag ràdh mar nach ionndrainn thu goireas chun an tèid àicheadh dhut, co-dhiù ‘s e seirbheis an uisge, dealain, neo togail sgudail a bhiodh ann.
Gun teagamh sam bith tha Seirbheis na Slàinte air fear de na sochairean sin air am bheil sinn a’ cur luach shònraichte agus ‘s e pàirt de thoradh na seirbheis sin gum bheil daoine anns an fharsaingeachd a’ gleidheadh beò nas fhaide. Tha an sìneadh saoghail seo air tachairt beag air bheag thar bhliadhnaichean ach bha mothachadh air agus bha cuideachd tuigse gum faodadh e buaidh a thoirt air cosgais seirbheis slàinte na dùthcha. Le riaghaltas an dèidh riaghaltais ag innse mar a bha iadsan a’ dìon an t-sochair phrìseil seo dhuinn, ‘s iongantach gun robh cus dhaoine a’ gabhail suim mhòr sam bith anns na h-aithrisean mu ionmhas slàinte is sinn uile ga fhàgail aig luchd-poilitigs cùisean a chumail ceart. Ach le dearbhadh a-nise air ìre na fìor èiginn ionmhais a th’ air tighinn ann an Seirbheis na Slàinte ann an Sasainn, tha e follaiseach nach eil cùisean idir air dòigh agus tha e iomchaidh dhuinn uile barrachd ùidh a ghabhail anns na h-atharraichean a dh’fheumas luchd-stiùiridh a chur an gnìomh an sin gus ìre na seirbheis a ghleidheadh agus cosgaisean a chothromachadh ma choinneamh buidseat.
Leggete l'articolo completo e molti altri in questo numero di
The Oban Times & Lochaber Times
Opzioni di acquisto di seguito
Se il problema è vostro,
Accesso per leggere subito l'articolo completo.
Singolo numero digitale
2nd March 2017
 
Questo numero e altri numeri arretrati non sono inclusi in un nuovo
abbonamento. Gli abbonamenti comprendono l'ultimo numero regolare e i nuovi numeri pubblicati durante l'abbonamento. The Oban Times & Lochaber Times
Abbonamento digitale di 6 mesi
€28,99
fatturati due volte l'anno
Abbonamento digitale annuale
€51,99
fatturati annualmente