ALLAN CAMPBELL
ailean@obantimes.co.uk
MÒD IONADAIL SOIRBHEACHAIL eile seachad. Thàinig a’ chlann nan dròbhan gu Mòd Ionadail Inbhir Nis air an deireadh seachdain seo chaidh, agus ged nach robh uimhir de dh’inbhich a’ gabhail pàirt is a bu mhath le luchd-deasachaidh na cuirme, bha na h-uile ag aontachadh gur e fìor dheagh fhèis a bh’ ann. Mar is àbhaist ‘s i a’ cheist a bu chudromaiche ciamar a bha ìre na Gàidhlig a chuala britheamhan, agus a rèir aithris bhuapa agus bhon luchdèisteachd, bha cùisean misneachail agus nach math an naidheachd sin.