Tha Comhairle nan Leabhraichean a ‘ sireadh thagraidhean bho sgrìobhadairean Gàidhlig airson farpais Duais Dhòmhnaill Meek 2018. Chuireadh an duais seo air chois le taic-airgid bho Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gàidhlig le sùil gum misnich is gun cuidich i sgrìobhadairean Gàidhlig ùra agus stèidhichte.
Chaidh sianar ainmeachadh air gèarr-liosta Duais Dhòmhnaill Meek 2017, agus chaidh am prìomh dhuais a buileachadh air Iain MacRath airson an dealbh-chluich Taigh Sheonachain.