ailean@obantimes.co.uk
AN-DÈ AGUS THAR LÀITHEAN gach taobh dheth, tha daoine air feadh an t-saoghail air a bhith a’ cuimhneachadh air a’ bhàrd ainmeil Albannach Raibeart Burns agus chan eil teagamh nach e an t-urram as àirde a gheibh bàrd sam bith gum bi a chuid sgrìobhaidhean gan seinn ‘s gan aithris ceudan bhliadhnaichean an dèidh a bhàis.
Ghlèidh an t-alt a bh’ aig Burns air faclan a shnìomh ri chèile a dh’innse sgeul neo a chur fhaireachaidhean an cèill aire agus meas luchd-leughaidh is èisteachd, co-dhiù a bha e a’ stialladh air cealgaireachd neo a’ bòideachadh gaol air boireannach.