ailean@obantimes.co.uk
CHAN IONGNADH GUM BHEIL an codhùnadh aig a’ Phrìomhaire ùr Theresa May gus Boris Johnson a stèidheachadh mar Rùnaire Dhùthchannan Cèin air uimhir de dh’ùpraid adhbharachadh ann am meadhanan an tsaoghail.
Thuige seo tha Boris Johnson air cliù a chosnadh mar bhuamastair a’ falbh le theanga air a ghualainn ‘s gun smaointinn na faiceall aige air na tha e air a bhith ag ràdh neo cò air a tha e a’ dèanamh tàire.