Ailean Caimbeul
ABAIR DEIREADH SEACHDAIN dha sgiobaidhean rugbaidh nan dùthchannan Ceilteach! Tha na meadhanan mòra Breatannach cho tric a’ dèiligeadh ri Alba agus A’ Chuimrigh mar mheangan beaga de Shasainn ge b’ e dè an cuspair air am bheil iad a’ labhairt, agus gu sònraichte a thaobh spòrs! Gabhaidh sin tuigsinn ma tha neach a’ dèanamh coimeas àireamh sluaigh eadar fear sam bith de na dùthchannan Ceilteach agus Sasainn, oir an-uiridh bha còrr air seasgad is còig millean a’ còmhnaidh ann an Sasainn taca ri dhà dheug gu leth millean eadar Alba, A’ Chuimrigh, agus Poblachd na h-Èireann còmhla!