Cùrsaichean Ceuma aig Sabhal Mòr Ostaig – Fosgailte airson iarrtasan!
‘S e Sabhal Mòr Ostaig an aon cholaiste ann an Alba far am faodar cùrsaichean ceuma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig air fad. Tha a’ Cholaiste na com-pàirti che ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus ‘s i a tha a’ treòrachadh càich ann an Sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte. Tha na cùrsaichean fo-cheum againn a’ ceangal a’ chànain le caochladh chuspairean a leithid ceòl traidiseanta, na meadhanan agus teagasg. Tha seo a’ toirt measgachadh de sgilean is cothroman do ar ceumnaichean, a leithid a’ Ghreis Ghnìomhachais air a’ chiad bhliadhna agus an cothrom a dhol air iomlaid a Chanada no a dh’Èirinn sa bhliadhna urraim. Airson barrachd fiosrachaidh air na cùrsaichean fo-cheum dha fileantaich is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, no airson iarrtas a chuir thugainn airson ro-shealladh, rach chun an làrach-lìn againn aig www.smo.uhi.ac.uk no cuir post-dguiarrtas@smo.uhi.ac.uk no fòn 01471 888304.