ailean@obantimes.co.uk
THA DAOINE COMA DHIOT, chan eil thu gu luach sam bith dhan chomann-shòisealta.
Nach brùideil agus mì-chneasta leithid sin de theachdaireachd ga sparradh air pàistean òga, agus cha bheag an t-iongnadh ged a bheireadh sin agus ionnsaighean borba agus drabasta eile, buaidh mhaireann orra. Tha e doirbh dha daoine àbhaisteach tuigsinn ciamar is urrainn dha cuid a bhith cho an-iochdmhor, agus gu h-àraid ri clann. Ciamar a tha na daoine sin beò len cogaisean fhèin?