We use cookies to track usage and preferences. See Cookie Policy
Pocketmags Digital Magazines
GB
Pocketmags Digital Magazines
   You are currently viewing the United Kingdom version of the site.
Would you like to switch to your local site?
Digital Subscriptions > The Oban Times & Lochaber Times > 22 December 2016 > Beachd Ailein

Beachd Ailein

ailean@obantimes.co.uk

‘S E SUIDHEACHADH glè dhuilich a th’ ann gum bheil na ceudan, ’s dòcha na mìltean, a tha gun dachaigh a’ cadal air sràidean nam bailtean mòra gach oidhche den bhliadhna. Tha iad an cunnart am beatha air caochladh adhbharan, agus ged a tha cuid gun teagamh nan tràillean aig drogaichean neo deoch, tha mòran san t-suidheachadh dìreach air sgàth tuiteamas nam beatha.

Nach uasal mar sin an t-amas a chuir an carthannas Social Bite roimhe gus airgead a thional gus taighean sìmplidh a thogail air làrach bàn ann an Dùn Èideann a bheir fasgadh is dìon dha cuid de na daoine truagha seo. Thagh iad dòigh inntinneach gus amas a’ charthannais fhoillseachadh agus gus ionmhas a thogail aig an aon àm, le cuireadh a thoirt dha ceud neach oidhche a chur seachad nan cadal air an t-sràid. Fhuair iad fada bharrachd taice na bha iad an dùil agus chuir trì ceud seachad oidhche air cabhsair Cheàrnaig Charlotte Dhùn Èideann bho chionn beagan is seachdain air ais. Bha iad fortanach gun robh an aimsir math ach ged a bha dìon agus blàths aca ann am pocannan-cadail, tha amharas agam nach d’ rinn a’mhòr-chuid aca mòran cadail! Cha b’ ionann sin dha na ceudan gun dachaigh a bha iad a’ feuchainn ri chuideachadh, feadhainn a chithear nan crùbain ann an dorsan thogalach ‘s gun ach cairt-bhòrd aca gus fuachd is fliuichead a chumail bhuapa. Tha mi an dòchas gun soirbhich le Social Bite agus gun tèid aige air a chuid amasan a choileanadh, agus nach bu mhath gun d’ rachadh aig an aon seòrsa iomairt air nochdadh agus soirbheachadh ann am bailtean eile feadh na dùthcha.

READ MORE
Purchase options below
Find the complete article and many more in this issue of The Oban Times & Lochaber Times - 22 December 2016
If you own the issue, Login to read the full article now.
Single Issue - 22 December 2016
£0.99
Or 99 points
Annual Digital Subscription
SAVE
36%
£32.99
Or 3299 points
6 Month Digital Subscription
SAVE
30%
£17.99
Or 1799 points

View Issues

About The Oban Times & Lochaber Times

All the latest news, leisure and sport

Other Articles in this Issue


Ways to Pay Pocketmags Payment Types
At Pocketmags you get Secure Billing Great Offers HTML Reader Gifting options Loyalty Points