ailean@obantimes.co.uk
‘CHA TOIL LEAMSA sibhse idir!’ Sin a rèir coltais mar a thuirt mise ris a’ chiad neach-teagaisg a bh’ agam sa bhun-sgoil aig deireadh mo chiad sheachdain sgoile.
Chan eil cuimhn’ agam an-diugh carson a ràinig mi an co-dhùnadh cudromach sin, ach tha cuimhn’ agam gun do dh’innis mo phiuthar mhòr dhachaigh orm is bhiodh dragh sam bith a bh’ aig mo phàrantan aig an àm glè nàdarra is iad airson an cuid chloinne a dhìon.