ALLAN CAMPBELL
editor@obantimes.co.uk
‘S iongantach gum bheil gin idir de na goireasan agus sochairean a chruthaich mac an duine riamh nach deachaidh cuideachd a chur gu mì- Theum air choreigin. ‘S flada bhon thuig luchd-riaghlaidh gun robh conaltradh eadar dhùthchannan air rud cho cudromach ‘s a ghabhadh dèanamh. Bha e na bhunait air sìth cho math ri malairt agus mar a dh’flàs cothroman siubhail na b’ flasa bha an saoghal againn uile na bu lugha. Ach ‘s e fàs ann an teicneòlas didseatach agus eileagtronaigeach an gluasad as motha a dhlùthaich sluagh an t-saoghail ri chèile, co-dhiù bha iad ag iarraidh sin gus nach robh! T ha mi a’ creidsinn gun robh mòran nach cuala iomradh air naidheachdan fuadain chun an cual’ iad na faclan bitheanta aig Ceann-suidhe Ameireagaidh nuair a bha e ag àicheadh iomradh sam bith nach robh a’ còrdadh ris, agus ‘s dòcha nach robh sinn a’ creidsinn gun robh leithid a’ tachairt.